Back

E Hò Leagain

Lyrics:

E hò leagain hì hó m' aighean
E hò leagain hì hó m' aighean
'S m' aighean hò leagain hì hó m' aighean
Mo chrodh-laoigh gacha taobh den bhuailidh.

'S e mo ghaol-sa an t-aghan ciatach
Cha do thog e chas riamh rium
Thug e bainne chruidh san t-sliabh dhomh
Bainne geala nan aighean ciallach.

'S e mo ghaol-sa an t-aghan caiteach
Thigeadh bhuarach air a chasan
Cha bhuarach chruidh no chapaill
Ach buarach shìoda thig à Sasann.