Gur Tu Mo Nighean Donn Bhòidheach
Lyrics:
Ho hù ho ro hù ho
Gur tu mo nighean donn bhòidheach
Ho hù ho ro hù ho
'S mi 's chuala mi on dh'èirich mi
An sgeula nach do chòrd rium.
Ho hù ho ro hù ho...
Sgeula nach bu mhath leam
Air mo leannan a bhith pòsadh.
Ho hù ho ro hù ho...
'S mise a-muigh air chùl na tobhta
'S tusa a-staigh a' còrdadh.
Ho hù ho ro hù ho...
'G èisteachd ris na diùcannan
A' cur do chliù an òrdugh.
Ho hù ho ro hù ho...
'G èisteachd ris na h-iarlachan
Ag iarraidh gun do phòs i.
Ho hù ho ro hù ho...
'G èisteachd ris na tighearnan
Ag iarraidh ceart 's còir ort.
Ho hù ho ro hù ho...
Nighean bhàn as àille dreach
Mo chreach mur faigh mi còir ort.
Ho hù ho ro hù ho...
Shiùbhlainn leat an saoghal
A ghaoil, nam biodh tu deònach.
Ho hù ho ro hù ho...
Shiùbhlainn leat an ear 's an iar
Gun each gun srian gun bhòtainn.
Ho hù ho ro hù ho...
Shiùbhlainn a Dhùn Èideann leat
Gu sràid nan ceuman còmhnard.
Ho hù ho ro hù ho...
Rachainn leat a dh'Èirinn
Nam biodh tu fèin leam deònach.
Ho hù ho ro hù ho...
Rachainn leat a dh'Uibhist
Far am buidhe 'm bi an t-eòrna.
Ho hù ho ro hù ho...
Rachainn leat do Shlèite
Gum b' fheudar e don Òlaind.
Ho hù ho ro hù ho...
Rachainn fada fada leat
Cho fad 's a rachadh m' eòlas.
Ho hù ho ro hù ho...