Back

Ho Hi Hug I Ho Mhòrag ’s na Hòro Gheallaidh

Lyrics:

Hó hì hogaidh hó
Mhòrag 's na hó ro gheallaidh
Hó hì hogaidh hó.

Bliadhna chun an-diugh bha mi
San taigh bhàn air bhàrr na mara.

Hó hì hogaidh hó...

Mar ri comann ghillean òga
Dheigheadh dhan deòin a dhol an drama.

Hó hì hogaidh hó...

Mar ri comann ghillean stuama
Nach dèan tuasaid an àm dealaich.

Hó hì hogaidh hó...

'S cha b' ann an taigh fàs ri m' Mhòrag
Fhuair mi eòlas air mo leannan.

Hó hì hogaidh hó...

Taigh mòr nan lobhtaichean dùinte
Leabaidh nan cùirtearan geala.

Hó hì hogaidh hó...

Taigh mòr nan lobhtaichean dùinte
Leabaidh nan cùirtearan geala.

Hó hì hogaidh hó...

Nuair a reigheadh tu don bheinn fhiadhaich
Bu trom do thriall chun a' bhaile.

Hó hì hogaidh hó...

Le d' ghunna 's le d' adhairc phùdair
Do ghille 's do chù na dheannaibh.

Hó hì hogaidh hó...