Mo Thruaighe Lèir Thu, ’ille Bhuidhe
Lyrics:
Mo thruaighe lèir thu, 'ille bhuidhe
'S ann an-diugh tha 'n dèidh ort
Mo thruaighe lèir thu, 'ille bhuidhe.
Fhuair sinn croinn sa bhàta
Dà latha mun d' dh'fhàg sinn Èirinn.
Mo thruaighe lèir thu, 'ille bhuidhe...
Chuir sinn na croinn ùr innte
'S gun d' fhuair sinn smùid na dhèidh sin.
Nuair a dh'àt an fhairge
'S i 'n Earbag a bha treubhach.
An Earbag 's i cho dìonach
Ri botal fìon 's cèir air.
Bha uisge 's clachan-meallain ann
'S canabhas ga reubadh.
Bha cutter-an 's gàidsearan
Gar sàrachadh le chèile.
Bha fùdar 's luaidh Shasannach
A' toirt faram air an dèilidh.
Bha sinn sa Chuan an Iar leatha
Mun d' rinn a' ghrian ach èirigh.
Seachad Caisteal Dhubhairt leath'
Gun robh ar turas rèidh leinn.
Seachad Maol na h-Obha
Gun d' dh'òl sinn air a chèile.
Dh'òl sinn slàinte a' bhàta
Thug sàbailt' sinn à Èirinn.
Dh'òl sinn slàint' an sgiobair
Nach robh idir ann an èideadh.
Bha sinn an Loch Àlainn
Mun d' rinn ach pàirt dhiubh èirigh.