Back

Na Taighean Sglèat

Lyrics:

Hùg oiridh hiridh hairidh
Hùg oiridh Marabhal
Hùg oiridh hiridh hairidh
'S buaidheach na taighean ann
Hùg oiridh hiridh hairidh
Hùg oiridh Marabhal
Hùg oiridh hiridh hairidh
'S buaidheach na taighean ann

'S brèagha na taighean sglèat
'S brèagha na glainneachan
'S brèagha na taighean sglèat
Thog iad ann am Marabhal
'S brèagha na taighean sglèat
'S brèagha na glainneachan
'S brèagha na taighean sglèat
Thog iad ann am Marabhal

Hùg oiridh...

Nìghneagan air an tràigh
Plàtaichean murain orra
Nìghneagan air an tràigh
Brèideannan iomairt orra
Nìghneagan air an tràigh
Plàtaichean murain orra
Nìghneagan air an tràigh
Brèideannan iomairt orra

Hùg oiridh...

Dh'fhaighneachd mi 'm faighinn dram
Theann iad ri fanaid orm
'Seinnse sa bhail' ud thall
'S càbhraich an crannachain
Dh'fhaighneachd mi 'm faighinn dram
Theann iad ri fanaid orm
'Seinnse sa bhail' ud thall
'S càbhraich an crannachain

Hùg oiridh...