Back

Òran nan Glainneachan

Lyrics:

Ceud soraidh leis na glainneachan
Is beannachd leis an daoraich
Cha gabh mi tuilleadh rim mhaireann dhiubh
Bhon a ghabh mi ’n aon tè;
Fear nach eil a’ blasad air,
’S e an duan bhios aige daonnan
“Is truagh leam na daoine
Ghabh gaol air an deoch.”

’S nì an-diugh a tha m’ aire-sa
A cheart cho math dhomh ag innse
Ghabh mi daorach, ghabh mi siud,
’S luchd a’ bhaile a chluinntinn
Thug an deocha’ char asam,
Cha ghabh mi dèanamh dìreach
Gus an tèid mi mo shìneadh
Gu h-ìseal fon phloc.

Soraidh leis na glainneachan…

’S nuair a gheibh seachad air
Bi eallach ort le tàmailt
A bharrachd air do bhochdainne
Bidh thu bochd làrna-mhàireach;
Gur h-e tric a chluinneas thu
Na bhuineas dhut gad chàineadh
’S math a tha fios càch
Gu dè an ràn a bh’ ac’ ort.

Soraidh leis na glainneachan…

Cuid de boireannaich a’ bhaile-sa,
’S bidh aileag orra ’ g innse ort
’S an tè nach eil a’ fanaid ort,
Cha mhath leith’ bhith gad chluinntinn,
’S e a dh’fhàg mi fhìn cho anachrach
Nach fhan iad air an fhìrinn
Gu h-àraid nuair a chì iad
An tì a’ dol don phoit.

Soraidh leis na glainneachan…