Back

Seinn an Duan Seo

Lyrics:

Seinn an duan seo, hug ìri hiù o
Dhan chailin dualaich, hug o ro hì
As deirge gruaidhean 's as duinne cuailean
'S gur lìonmhor buaidh a th' air luaidh mo chridh'.

'S ann Dimàirt mach bho chidhe Loch Àlainn
Dh'fhalbh mo ghràdh-sa le bàt' na smùid
Bu luath a ceum dol gu tìr na Beurla
'S tha mi fo èislean 's air bheagan sunnd.

'S truagh nach robh mi taobh thall dhen chaol leat
Is slatan fraoich air gach taobh dhinn fhèin
'S mòr leat mo phòga 's bu mhìlse ar còmhradh
'S tha mi fo leòn bhon latha dh'fhàg thu mi.

'S ged a bhithinn-sa thall an Èirinn
'S m' aighear fhèin air taobh thall a' chuain
Gun aithnichinn m' eudail am measg nan ceudan
'S i mar Bhènus ag èirigh suas.

Seinn an duan seo, hug ìri hiù o
Dhan chailin dualaich, hug o ro hì
As deirge gruaidhean 's as duinne cuailean
'S gur lìonmhor buaidh a th' air luaidh mo chridh'.