Back

Tha Buaidh air an Uisge-bheatha

Lyrics:

Tha buaidh air an uisge-bheatha
Tha buaidh air nach còir a chleith
Tha buaidh air an uisge-bheatha
Dh'òlainn teth 's fuar e.

Bu mhath an tìm an earraich e
Gu dìreadh bheann 's bhealaichean
'S gu rèiteach na cuing-analach
Ga fàgail fallain fuasgailt'.

Tha buaidh...

'S iomadh aon a dh'òladh e
Luchd-fearainn shaor 's dhròbhairean
De cheannaichean 's de dh'òstairean
'S nach toireadh seòldair fuath dha.

Tha buaidh...

B' e coisiche na h-oidhche e
Gu leapannan nam maighdeannan
'S an rìgh bu mhòr an loinn a bh' air
Gu coibhneas thoirt à gruagaich.

Tha buaidh...

Am fear a bhios na thurraban
A' cuimhneachadh a chunnartan
B' fheàirrde làn a ghuraich dheth
Gu cur a mhulaid uaithe.

Tha buaidh...

B' fheàirrde fear bhiodh easlan e
Ga fhàgail sunndach, spioraideach
Bu leigheas don fhear dhèididh e
'S nì feum a dh'fhear na cuairtich.

Tha buaidh...

Tha bean aig Sandaidh Gàirnealair
Ban-sgoilear an àite seo
'S gun leughadh i na sàsairean
Air sàillibh làn na cuaiche.

Tha buaidh...