Tha mi ’n-Diugh gu Tinn
Lyrics:
Tha mi 'n-diugh gu tinn
Bha mi a-raoir ag òl
Le goirteas mo chinn
Chan eil mi air dòigh
Tha mi 'n-diugh gu tinn
Bha mi a-raoir ag òl.
Bha mi a-raoir am Màbu
An cuideachd Aonghais Bhàin ann
Dh'òl mi den stuth làidir
Gus na dh'fhàs mi òg
Tha mi 'n-diugh gu tinn
Bha mi a-raoir ag òl.
Cridhe mòr na fèile
Nach robh riamh na èiginn
Lìon dhomh fhèin 's dha fhèin i
'S thuirt gum feumainn òl
Tha mi 'n-diugh gu tinn
Bha mi a-raoir ag òl.
Chaidh mi sin gu banais
'S mi ri òl 's caithream
Dhannsainn-sa ri m' fhaileas
Cho math ris na h-eòin
Tha mi 'n-diugh gu tinn
Bha mi a-raoir ag òl.
Nuair thàinig mi dhachaigh
Shìn mi air a' chearcall
Rug a' bhean air bata
Sgailc i mi mun t-sròn
Tha mi 'n-diugh gu tinn
Bha mi a-raoir ag òl.
Bha mise nam shìneadh
'S a' bhean a' dèanamh tì dhomh
Mi feuchainn ri dìobhairt
Gach nì rinn mi òl
Tha mi 'n-diugh gu tinn
Bha mi a-raoir ag òl.
Dh'fhalbh mi làrna-mhàireach
'S chaidh mi sìos gu Màbu
Fhuair mi botal làn ann
B' fheàrr dhomh e na 'n tì
Tha mi 'n-diugh gu tinn
Bha mi a-raoir ag òl.
Le goirteas mo chinn
Chan eil mi air dòigh
Tha mi 'n-diugh gu tinn
Bha mi a-raoir ag òl.