Rannsaich
Clàr nan Òran Gàidhlig

Clàr nan Òran Gàidhlig

Ann an co-bhonn leis a’ BhBC, chaidh susbaint làrach-lìn Bliadhna nan Òran a ghluasad gu làrach-lìn Tobar an Dualchais mar chridhe ar Clàr nan Òran Gàidhlig ùr. Tha sinn fada an comain Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Maoin nan Ealan Gàidhlig, agus Urras Brosnachaidh na Gàidhlig airson maoineachadh a dh’ionnsaigh cosgaisean a’ phròiseict.