Back

A Bhanarach Chaoin

Lyrics:

Sèist

A hù a hò, dheogail na laoigh,
A hù a hò, dheogail na laoigh,
A hù a hò, dheogail na laoigh,
A bhanarach chaoin, dheogail an t-àl.

O 's gile na gruth bainne nam bò,
O 's gile na gruth bainne nam bò,
O 's gile na gruth bainne nam bò,
A bhanarach chaoin, 's gile thu na càch.

Buidhe mar òr cuailean mo ghaoil,
Buidhe mar òr cuailean mo ghaoil,
Buidhe mar òr cuailean mo ghaoil,
A bhanarach chaoin, 's tusa mo ghràdh.

M' ulaidh 's mo rùn cailin nam bò,
M' ulaidh 's mo rùn cailin nam bò,
M' ulaidh 's mo rùn cailin nam bò,
A bhanarach chaoin, m' ulaidh gu bràth.

Snuadh an ròis, gruaidhean na h-òigh',
Snuadh an ròis, gruaidhean na h-òigh',
Snuadh an ròis, gruaidhean na h-òigh',
A bhanarach chaoin, adhbhar mo dhàin.