Back

A Chailin Duinn a Chuailein Rèidh

Lyrics:

Sèist

A chailin donn a' chuailein rèidh,
Hà ho rò mar tha mi 'd dhèidh;
A ghruagach dhonn tha ris an sprèidh
Bhon thrèig thu mi tha mulad orm.
A chailin donn a' chuailein rèidh.

'S e rud an gaol nach faodar àicheadh,
Tha e ceangailte ri nàdar.
Faodaidh mise sin a ràidhtinn,
Bhon shàraich e gu buileach mi!

A chailin donn, nam biodh tu deònach
Is gun dèanadh tu mo phòsadh,
B' fheàrr leam thu air bheagan stòrais
Na mòran òr le iomadh tè.

Gur e mise tha gu brònach,
Ann an seo a' dèanamh òrain
'S eagal orm nach cuir mi 'n dòigh
Do bhòidhchead is do luraichead.