A Chaluim Bhig
Lyrics:
A Chaluim Bhig, a Chaluim Bhig, a Chaluim 's tu fo chùram,
'S e thigeadh dhut bhith d' earalas is d' aire thoirt air an iùbhraich:
B' e siud an turas carraideach nan cailleadh tu do chùrsa,
'S cha b' fhuilear don dubh lunndaich na siùil a bhith làn.
Nuair dh'èirich thu sa mhadainn anns a' chamhanaich bha fèath ann,
Dol seachad Port an Tobair bha thu togarrach ga feuchainn;
Bu chinnteach bha mise dheth gum biodh tu sna liadhan
Mu 'm fuaradh i an Liathanaich beulaibh Loch Làthaich.
Cha b' iongnadh i bhith caranta air bharraibh nan tonn uaine;
Bha fiodhaich math 's na saithean aic' is darach anns an ruadh-bhòrd;
Bha tàirnean air an sparradh ann, gan teannachadh le cruaidh-òrd,
Is rogha 'n iarainn Shuainich bho gualann gu sàil.
Nuair ràinig thu Bun Easain anns an fheasgar ghabh thu an daorach,
Cha b' e siud a b' aithreach leat ach gun rinn thu caonnag;
Chaidil thu do leòr anns a' chrò bh' aig NicMhùsaich,
'S e an snidhe dhol ad shùilean a dhùisg thu cho tràth.
Nuair ràinig thu Airdriseig bha na h-ìgheanan an tòir ort,
Chum iad ann ad chabhaig thu toirt caithream dhaibh air òrain;
Do ghillean 's iad air bhuidealaich an cuideachd Mhic an Tòisich
'S chaidh thu thar na còrach ag òl sa Chàrn Bhàn.