Back

A' Chuairt Chuain

Lyrics:

Ged 's dàil cha dearmad a bhac mo sheanchas,
Mum thuras ainmeach san aimsir fhuar;
'S a' chulaidh dhealbhach don ainm Braidalba,
Le gaoith gun anagna dh'fhag balbh an cuan,
Gun d' dhùisg an soirbheas on àirde 'n Earra-dheas,
A ghreas air falbh i mar earb air luaths,
'S nuair dh'fhàisg i canabhas sna tuinn bha barra-gheal,
Bha spàirn gan teannachadh air cainb nan dual.

Nuair lìon na siùil aic', gach aon dhiubh 's brù air,
'S a croinn mar iùbhrain a' lùb san uair,
Bha coileach dubh-ghorm a' ruith on stiùir aic
Na channalag lùbaich ri dùrdan cruaidh;
'S e ceum bha siùbhlach a' leum gu sunndach,
Tron mhuir bha srùladh gu dlùth mun cuairt,
Gum b' fhìor chruit-chiùil a bhith 'g èisteachd bùirein,
A torman sùrdail bu bhrùchdach fuaim.

Gum b' ait an ceòl leinn fìor fhuaim a crònain,
Na ruith cur bhòrlum nan tòrr o gruaidh,
'S am muir is cròic air mu beul a' còpadh,
An làn 's gach seòl aic 's gach ròp ri fuaim;
Na tuinn a' bòcadh le gaoir a' dòrtadh,
Gu dlùth mu bhòrdaibh le ròiceadh cruaidh,
An sgiob ga seòladh le làmhan eòlach,
'S a' dèanamh sòlais ro-mhòr r'a luaths.