Tha Magaidh NicAonghais a’ seinn an òrain mar a dh’ionnsaich i e bho a màthair, an sàr sheinneadair Flòraidh NicNèill, a dh’ionnsaich an t-òran seo ann am Barraigh mus deach i fiù ‘s dhan sgoil.
A’ sgrìobhadh anns an iris Gairm, Àireamh 26, An Geamhradh 1958, tha Donnchadh MacDhunlèibhe a’ cumail a-mach gur ann à Muile a bha an tè a rinn an t-òran:
“Rinneadh an t-òran seo le Ceit NicFhionghain an Tobar Mhoire, mu thuaiream beagan barrachd is sè fichead bliadhna, do a leannan a bha aig an àm ag obair sa Mhorbhairne.”
Tha cuid de cheathramhan eadar-dhealaichte aig MacDhunlèibhe:
Cha Ghall a tha nam leannan-sa
Chan Aranach ‘s cha Tuathach,
Ach ‘s ann am Muile dh’àraicheadh
MacPhàil an leadain dualaich.
Chan iongantach, chan iongantach
Mo chridhe-sa bhith luaineach
A’ sealltainn sìos air Àros
An t-àit’ an d’ fhàg mo luaidh mi.
Shiùbhlainn fad o m’ dhaoine leat
Air long ‘s a h-aodach suas rith’
Cha fad ‘s a chuireadh gaoth sinn
Gar saodachadh thar chuantan.
Shiubhlainn fada, fada leat,
Cho fad’ ‘s an t-Eilean Uaine
Nan gealladh tu nuair thilleamaid
An t-snaoim a chur nach fuasgladh.
Sgrìobhainn litir dhùinte dhut
Ad ionnsaigh ann an uaigneas
Ch math ‘s a dhèanadh dùrachd i
Nan liùbhradh Dòmhnall Ruadh i.
Tha MacDhunlèibhe ag ràdh gur e Dòmhnall Ruadh, a tha air ainmeachadh san òran, bràthair Cheit, agus gu robh e ag aiseag a’ phosta eadar Tobar Mhoire agus a’ Mhorbhairne.
Anns an leabhar The MacDonald Collection of Gaelic Poetry, a chaidh fhoillseachadh ann an 1911 leis an dà mhinisteir Aonghas Dòmhnallach agus Gilleasbaig Dòmhnallach, tha an t-òran a-rithist eadar-dhealaichte:
Gur e mo ghaol-sa an t-Alastair
Nach ainneamh leam a luaidh leam
Dham bheil Bràigh a’ Gharaidh dùthchasach
Ged thog e chùrsa bhuaidhe.
Dh’fhàgainn-sa mo dhaoine leat
Air long ‘s a h-aodach suas rith’
Cho fad ‘s gan seòl a’ ghaoth sinn
Rachainn leat, a ghaoil, thar chuantan.
B’ fheàrr leam as do lèine thu
Bhon thug mi fèin mo luaidh dhut
Na fear, cha ghabhainn ceud dhiubh,
Ged bhiodh a sprèidh air bhuailtean.
Cha phòiteir, ‘s chan fhear daoraich thu
Tha daonnan am measg buairidh;
Sàr chompanach mun bhotal thu
‘S chan fhaicear sprochd no gruaim ort.
Gur tric a leag an Dòmhnallach
Deas òigfhear a’ chùil dualaich
An damh fiadhaich stròineasach
Nach tig an còir na buaile.
Sgiobair air a’ bhàt’ thu
Ga teàrnadh o gach cruadal
‘S tu bheir gu cala sàbhailt’ i
Bh ghàirich nan tonn uaine.