A Mhic Dhùghaill 'ic Ruairidh
Lyrics:
A Mhic Dhùghaill 'ic Ruairidh,
A chuir am buaireadh fo m' chèill-sa,
'S a chuir an tainead ma gruaidhean,
'S a chuir mo ghruag air dhroch ghrèidheadh.
'S a chuir an tainead ma gruaidhean,
'S a chuir mo ghruag air dhroch ghrèidheadh,
'S diombach mise dha mo phiuthair,
Nighean bhuidhe 'n fhuilt steudaich.
'S diombach mise dha mo phiuthair,
Nighean bhuidhe 'n fhuilt steudaich,
Mo mhìle mallachd aig a' bhuachaill',
Bha ri cuallach na spreidheadh.
Mo mhìle mallachd aig a' bhuachaill',
Bha ri cuallach na spreidheadh,
Chaidh e dhùsgadh nam balach,
Moch ro là mas d' dh'èirich.
Chaidh e dhùsgadh nam balach,
Moch ro là mas d' dh'èirich,
'S thuirt am bràthair bu shine,
Leig na sgeinean gu chèile.
'S thuirt am bràthair bu shine,
Leig na sgeinean gu chèile,
'S thuirt am bràthair a b' òige,
Chan e 'n còir ach 's e 'n eu-coir.
'S thuirt am bràthair a b' òige,
Chan e 'n còir ach 's e 'n eu-coir,
'S ann a' dìreadh a ghàrraidh,
Leig thu ghràidh a' chiad èighe.
'S ann a' dìreadh a ghàrraidh,
Leig thu ghràidh a' chiad èighe,
'S ann a' teàrnadh a' bhruathaich,
A fhuair thu 'm brughadh a lèir thu.
'S ann a' teàrnadh a' bhruathaich,
A fhuair thu 'm brughadh a lèir thu,
Bha fuil do chuim chùbhraidh,
A' drùthadh troimh d' lèine.
Bha fuil do chuim chùbhraidh,
A' drùthadh troimh d' lèine,
'S ged a dh'òl mi ghaoil pàirt dhi,
Cha do shlànaich do chreuchdan.
Dreach eile:
A Mhic Dhùghaill 'ic Ruairidh
A chuir am buaireadh fo m' chèill-sa,
A chuir an tainead mo ghruaidhean
'S a dh'fhàg mo ghruag air dhroch ghrèidheadh.
A chuir an tainead mo ghruaidhean
'S a dh'fhàg mo ghruag air dhroch ghrèidheadh,
Mo mhìle mallachd dha m' phiuthar
Nighean bhuidhe a' chùil stèidhtich.
Mo mhìle mallachd dha m' phiuthar
Nighean bhuidhe a' chùil stèidhtich,
'S gura diombach mi dha m' mhàthair
B' òg a chàirich i bhreug orm.
'S gura diombach mi dha m' mhàthair
B' òg a chàirich i bhreug orm,
'S gura buidheach mi dha m' athair
'S e nach cuireadh droch-sgeul orm.
'S gura buidheach mi dha m' athair
'S e nach cuireadh droch-sgeul orm,
'S mo mhìle mallachd dhan bhuachaill
A bha 'g uallach na sprèidhe.
'S mo mhìle mallachd dhan bhuachaill
A bha 'g uallach na sprèidhe,
Mac bodachain shuaraich
Dha 'm bu dual bhith an gleann geugach.
Mac bodachain shuaraich
Dha 'm bu dual bhith an gleann geugach,
A chaidh a dhùsgadh nam balach
Moch sa mhadainn mun d'èirich.
A chaidh a dhùsgadh nam balach
Moch sa mhadainn mun d'èirich,
'S air thoiseach bha triùir ann
'S air thùs bha dà-reug ann.
'S air thoiseach bha triùir ann
'S air thùs bha dà-reug ann,
'S thuirt am bràthair a b' òige
Chan e chòir ach 's e 'n eu-coir.