Back

Achadh nan Comhaichean

Lyrics:

Sèist

Hìllirinn ò, rò bha hò
'S na hìllirinn ò, rò hò hì.

Fhir ud thall an Achadh nan Comhaichean
B' fheàrr leam fhìn gun èireadh gnothach leat.

Shiùbhlainn Gleann Laoigh agus Gleann Dotha
Dà thaobh Loch Iall is Coireacha Batha leat.

A Theàrlaich òig, a laoigh mo chèille
Chunna mi 'n tòir mhòr an dèidh ort.

Iadsan gu subhach is mise gu deurach -
Taobh Ghlinn Laoigh a rinn sinn èirigh.

A Theàrlaich òig, a mhic Rìgh Seumas,
'S mise bha brònach gad fhògradh aig bèistibh.

Iadsan gu subhach is mise gu deurach
Uisge mo chinn tighinn tinn o m' lèirsinn.

Mharbh iad m' athair, mharbh iad mo bhràithrean,
Mhill iad mo chinneadh is chreach iad mo chàirdean.

Loisg iad mo dhùthaich is rùisg iad mo mhàthair
'S cha chluinnte mo mhulad nam buinnigeadh Teàrlach.

A Theàrlaich òig a chuailein chiataich,
Thug mi gaol dhuit, 's cha ghaol bliadhna.

Gaol nach tug aon do mhac diùc no iarla
B'fheàrr leam fhìn nach faicinn riamh thu.