Back

Air Fail il o Iriag

Lyrics:

Sèist

Air fàil il o ìriag hiùraibh o hìlibheag,
Fàil il o ìriag ò,
Air fàil il o ìriag hiùraibh o hìlibheag,
'S binn leam coireal nan eòin.

'S mi 'm shuidhe air m' uilinn air toman a' chuilinn
'S mi 'g èisteachd ri luinneag nan eòin
'S mi 'g èisteachd nan druidean, nan smeòrach 's nan uiseag,
'S gur binne na fidheall an ceòl.

Chì mi na stacan, na cnocan 's na bacan,
'S na glacan sna chleachd mi bhith òg
Chì mi na leadain far am biodh na minn bheaga
'S na h-uain 's iad ri cleasachd gun ghò.

Chì mi na pàirceannan, chì mi na fàrdaichean,
Chì mi gach àilean is geòb,
Chì mi an tulach far 'm bithinn lem chruinneig
'S far 'm faighinn le furan a pòg.