Air Geugan Seilich
Lyrics:
Air geugan seilich chrochadh leinn ar clàrsaichean an sin
Oir iadsan a rinn braighdean dhinn, dh'iarr òran oirnn' is gean;
Bha sinne tùrsach muladach 'n tìr fada bho ar cridh'
Ciamar a thigeadh òran o ar bilean aig 'm biodh brìgh.
Aig sruthaibh choimheach Bhàbailon 's ann dh'ionnsaich sinn gur ann
A-mach à meadhan dorchadas thig ceòl a tha gun chearb;
Nuair sheinneas sinn laoidh mholaidh mach à cridhe sgìth is fann
Sin tuigidh sinn na facail gur e Dia is Athair dhuinn.
Tha fàsach teth is sàraichte glè thric fa chomhair ar sùil
'S tha sinne tighinn nas fhaisge air an àm san cuir sinn cùl
Ri Dia na tròcair ann an Tìm 's ri nithean faoin an t-saoghail
Tha sinne dol don dùthaich a tha falaichte o chlann daoin'.
Bheir Easan dhachaidh sàbhailt' sinn dh'aindeoin na deòir a bh' ann
Nì Esan plàsd a chuir air cridhe sàraichte is trom;
Nì Esan cuideachadh is misneachd tric a thoirt dhuinn
'S aig sruthaibh coimheach canaidh E, Is Mi do chòmhnadh ann.
Eil cianalas air coigrich tha a' falbh a-mach à tìr
A dh'aithnich iad 's a chòrd riu son bliadhnaichean a' strì
Son beatha dhèanamh dhaibh an seo, 's gach nì a chuir air dòigh
Bidh deòir an t-sluaigh aig aibhnichean cuir air an sùilean sgleò.