Back

Air Sgiathan na h-Oidhche

Lyrics:

Air sgiathan na h-oidhche thig coibhneas is blàths
Toirt fois agus sìth do gach inntinn aig tàmh,
Bidh m' inntinn-s' an uair sin a' gluasad gun dàil
Gu dùthaich mo ghaoil far nach fhaod mi bhith tàmh.

'S ann ri sgiathan na h-oidhche làn foill is gun dòigh
A' dùsgadh mo smuaintean gu bruaicheannan m' òig',
Gach sruthan is fuaran is fuaim dhomh tighinn beò
Gur tric bhios mi saoiltinn iad sgaoilte bho m' chòir.

Air sgiathan na h-oidhche gu luiginn bhith triall
A-null thar nam beanntan 's thar gleanntan mo mhiann,
Gu bhith faicinn an àilleachd rinn an Àrd-rìgh le rian,
Chuir an dùthaich nan Gàidheal nuair thàmhas a' ghrian.

Nuair thig sgiathan na h-oidhche le coinnlearan làn
A' ghealach 's na speur air gach reul a' cur fàilt',
Bidh dùthaich mo ghaoil-sa mar phrionnsa gun nàir',
A' cadal gun chùram gu dùsgadh an là.