Back

Alasdair an Dùin

Lyrics:

Sèist

Alasdair an Dùin, hiùraibh o hi,
Hiùraibh o hinda, hiùraibh o hinda,
Alasdair an Dùin, hiùraibh o hi
O 's mi bean brìodal bainnse.

Thig a luaidh-sa, thig thar sàil,
Thig san eadradh, thig gun dàil,
Thig Di-luain no thig Di-màirt,
Till, a ghràidh, ro Bhealltainn.

Còrdadh nì sinn mar bu nòs
Grèim nan làmh fo uisge 'n eòrn',
Caidreabh àrmann, àgh nan corn,
Fìon is ceòl is branndaidh.

Aran-sgailcidh bhrist mu m' cheann,
Manadh mnatha, taigh is clann.
Dannsaidh mi "An Adharc Chrom"
Mu 'n goidear bean na bainnse.