Back

Am Bròn Binn

Lyrics:

Chunnaic Rìgh Alba na shuain
An aona bhean bu ghile snuadh fon ghrèin:
'S gum b' fheàrr leis tuiteam dha cion
Na còmhrag fir mar bha e fhèin.

'S gum b' fheàrr leis tuiteam dha cion
Na còmhrag fir mar bha e fhèin.
Labhair Fionn Falaich ri fian
Thèid mise ga h-iarraidh dhut.

Labhair Fionn Falaich ri fian
Thèid mise dha h-iarraidh dhut
Mi fhìn, 's mo ghille, 's mo chù,
Nar triùir a dh'iarraidh na mnà.

Mi fhìn, 's mo ghille, 's mo chù,
Nar triùir a dh'iarraidh na mnà.
Seachd seachdainean is trì mìos
A thug sinn ri siubhal cuain.

Seachd seachdainean is trì mìos
A thug sinn ri siubhal cuain.
Ma facas fearann no fonn
Aig an dèanadh a' long tàmh.

Ma facas fearann no fonn
Aig an dèanadh a' long tàmh
Steach gu iomall a' chuain ghairbh
Chunnacas caisteal mìn-gheal gorm.

Steach gu iomall a' chuain ghairbh
Chunnacas caisteal mìn-gheal gorm
Bu lìonmhor uinneag is stuagh
Bu lìonmhor air cuach is còrn.

Bu lìonmhor uinneag is stuagh
Bu lìonmhor air cuach is còrn.
'N àm dhomh bhith teannadh ri bhun
Thàinig slabhraidh dhubh a-nuas.

An àm dhomh bhith teannadh ri bhun
Thàinig slabhraidh dhubh a-nuas
Cha d' ghabh mi eagal no fiamh
Ghabh mi oirre nam ruith suas.

Cha d' ghabh mi eagal no fiamh,
Ghabh mi oirre nam ruith suas
Chunnacas a' bhean bhrèid-gheal òg
Ann an cathair òir a-staigh.

Chunnacas a' bhean bhrèid-gheal òg
Ann an cathair òir a-staigh,
Sròl dhan t-sìoda fo dà bhonn
Bheannaich mise dha gnùis ghil.

Sròl dhan t-sìoda fo dà bhonn
Bheannaich mise dha gnùis ghil.
A fhleasgaich a thàinig on chuan
'S fuar do bheannachadh oirnn.

A fhleasgaich a thàinig on chuan,
'S fuar do bheannachadh oirnn
Teann nall do cheann air mo ghlùin
Seinnidh mi dhut cruit is ceòl.

Teann nall do cheann air mo ghlùin
Seinnidh mi dhut cruit is ceòl.
Cruit air uchdanan a ghill' ùir
As guirme sùil 's as gile deud.

Cruit air uchdanan a ghill' ùir
As guirme sùil 's as gile deud
Thuit esan na iorram suaint
An deis bhith cuairteachadh cuain ghairbh.

Thuit esan na iorram suaint
An deis bhith cuairteachadh cuain ghairbh.
Ghoid i 'n claidheamh geur fo crios
Thilg i dheth gun fhiosd an ceann.

Ghoid i 'n claidheamh geur fo crios
Thilg i dheth gun fhiosd an ceann
Siud agaibh deireadh gach sgeòil
'S mar a sheinneadh am bròn binn.