Back

Am Bruadar Ud a Chunnaic Mi

Lyrics:

Am bruadar ud a chunna mi
Chan urrainn g' eil e fìor
Do chomann gaoil cha dìochuimhnich mi
Airson òr no nì
Ma rinn an snaim ud sgaoileadh ort
Don t-saoghal tha mi sgìth
O 's daor gur daor a cheannaich mi
'S air cailin an fhuilt mhìn.

'S daor gur daor a cheannaich mi
An sonas nach robh buan
Nuair bha dùil rium dhachaigh
Chaidh mo thilleadh air a' chuain
Cò riamh a chual no dh'aithris e
No dh'fhairich e cho cruaidh
Gun rinn fear eile rùn thoirt dhut
Mus d' dhùisg mi às mo shuain?

Is mairg tha 'g earbs à boireannaich
Oir 's ainneamh gheibh thu tè
Tha dìleas ann an leannanachd
Is daingeann ann an gaol
Mar is bòidhch' iad 's ann is caraich iad
'S tha an aigne mar a' ghaoth
Is aotrom faoin na geallaidhean
Len aithris iad an gaol.

A' fhleasgaich òig bi fuirealach
'S gabh an earail seo bhuam fhèin
Na taobh ri tè bhios eireachdail
Mur aithne dhut a beus
Ma gheibh thu eòlas aithghearr oirr'
'S gur leannan i dhut fhèin
Nì ise dhiot-sa an t-amadan
Gun aithreachas nad dhèidh.