An Cagar
Lyrics:
Sa ghleann ud shuas thug cìobair òg
A chromag dhomhs' an-dè,
Bha 'n cagar chuir e 'm chluais mar cheòl,
'S mo chridh' le sòlas leum,
Chan innis mi 'n cagar ud a luaidh,
Do ghruagach tha fon ghrèin,
Oir mheall e uam, cha cheil mi uat,
Mo chridh' gu buan 's gu lèir.
Tha thu mar ghrèin a' Chèitein leam
A dh'èireas ciùin gun neòil,
A' togail sùil nan neòinean trom,
'S iad crom gu làr fo dheòir.
A' dùsgadh eòin nan tom 's nan geug
Gu dùrdail ait is ceòl;
Chan fhaic mi faileas air mo speur
Fhad 's tha thu fhèin am chòir.
Is tric air madainn earraich chiùin
A lean mo shùil do cheum,
A' dìreadh siùbhlach chnoc is stùc
Feadh chreag is sgur a' leum.
Gum b'fhuaisgealtach do ghluasad treun
Mar chas an fhèidh air raon,
Ri aghaidh speur, air bhàrr nam beur
Do shealladh geur an taobh-s'.
A chìobair òig bha leamsa shuas
Fo sgàil nam bruaich an-dè,
Mar cheòl bha 'n cagar chuir thu 'm chluais,
'S mo chridh' tha fuaight' riut fhèin.
Ach och! 's e 'n-diugh a dh'fhàg mi truagh
Nach meal mi buan do ghaol,
Ged bheirinn suas, air sgàth mo luaidh,
Gu h-uallach, mìle saoghal.