An Cùl Bachallach
Lyrics:
Sèist
B' e siud an cùl,
Seo an cùl bachallach,
B' e siud an cùl.
Nuair a bha mi òg 's mi ri uaill
'S e dhol a luadh a b' ait leam.
Siud an cùl bha bachlach, dualach,
Dh'fhàs gu cuachach, cas-bhuidhe.
Siud an cùl bha bòidheach, dualach,
Òr-bhuidh', cuachach, caiseanach.
Is a Mhàrtainn dhuinn an Dùine
'S tu mo rùn, nam faicinn thu.
B'fheàrr leam gun tigeadh tu dhan tìr
Ma tha thu sgìth den mhachaire.
Ma bhios tu a' siubhal frìth'
'S cinnteach mi gun tachair sinn.
Ma bhios tu siubhal nam fuar-bheann
Thoir sùil bhuat 's gu faic thu mi.
Blas na meala air do phògan
Cainnt do bheòil bu docha leam.
Ma thèid thu dh'iarraidh mnà uasail
Na toir tuasaid dhachaigh leat.
Ma bheir thu bean à Sìol Leòid
Gun iarr i mòran fhasanan.
Ma bheir thu bean à Sìol Thormoid
Marbhaidh i le macnas thu.
'S ma thèid thu dh'Uibhist an eòrna
Thoir tè bhòidheach dhachaigh leat.
Thoir dhachaigh i, tè shocair, chiallach,
A riaraicheas na Caipteanan.
Thoir dhachaigh i, tè shocair, chiùin,
A dh'ionnsaicheas mo mhac-sa dhut.
Ach ma sheallas i le feirg air
Gu ma meirg thug dhachaigh i.
Is ma bhuaileas i le fuath e
Guma luath sa chlachan i.
Ach ma bhuaileas i le gràdh e
Guma blàth fo d' achlais i.
Ach a Mhàrtainn Dhuinn 'ic Dhòmhnaill
Nì do phòsadh aiceid dhomh.