Back

An Gille Donn

Lyrics:

Sèist

'S mise tha fo mhì-ghean
Mun ghille dhonn
Òigear nan rosg mìogach
Dh'fhàg m' inntinn trom
'S mise tha fo mhì-ghean
Mun ghille dhonn.

'S mise th' air mo sgaradh
Bho thoiseach an earraich
Dhealaich uam mo leannan
Maraiche nan tonn.

Thug mi gaol a chràidh mi
Do sgiobair a' bhàta
Gheibhinn cadal sàmhach
Leat air bhàrr nan tonn.

'S e 'n gaol a thug mi òg dhut
An diugh a tha gam leònadh
A chaoidh cha dìobair m' fheòil thu
Fhad 's is beò mo chom.

Oir tha mòran bhuaidhean
Air mo run 's mo luaidh-sa
Bu tu làmh a' chruadail
Mòran uaills' a' d' chom.

'S e bhith ort a' bruidhinn
A nochd a tha gu m' ruigheachd
Òigear, a Chloinn Iain,
Dh'fhàg mo chridhe trom.

'S maraich' thu gu seòladh
Cho math 's a ghlac ròpa
Sealgair thu air mòintich
'S leònadh tu 'n damh-donn.

Nuair thigeadh tu dhachaigh
'S do ghunn' ann a d'achlais
Sealgair geòidh is eal' thu
'S a' chearc riabh'ch air fonn.

Dol staigh an Caol Cannach
Shèid e oirbh gu frasach
Thàinig fairge tharsainn
'S bhuail e thu gu trom.

Thàinig air do chùl-thaobh
Na chuir anns a' ghrunnd thu
'S e dh'fhàg mise tùrsach
Mo rùn bhith tàmh fon tonn.