Back

An Gille Dubh Cha Trèig Mi

Lyrics:

Sèist

An gille dubh cha trèig mi
'S le fear a' chruidh cha tèid mi,
An gille dubh cha trèig mi
Bhon thug mi fhèin mo ghealladh dha.

Is e mo ghaol an t-uasal
A dh'imich thar nan cuantan.
Bu shealgair choileach ruadh e
Mun gluaiseadh iad sa chamhanaich.

Gur e mo ghaol an t-òigear
Aig bheil a' mheall-shuil bhòidheach.
Gun aithnichinn do cheum còmhnard
A-mach air lòin a' bhaile seo.

Ma rinn thu mis' a threigsinn
An comhairle luchd-breige,
Mo mhìle beannachd fèin leat
Bhon 's e gum b' fheudar dealachadh.