Back

An Innis Àigh

Lyrics:

Seinn an duan seo don Innis Àigh,
An innis uaine as gile tràigh;
Bidh sìan air uairibh
Ag cath gu cruaidh ris,
Ach 's e mo luaidh a bhith ann a' tàmh.

Càit' an tràith' an tig samhradh ciùin?
Càit' an tràith' a thig blàth air craoibh?
Càit' as bòidhche
An seinn an smeòrach
Air bhàrr nan ògan san Innis Àigh.

Rogh' na h-eunlaith e thar gach àit',
Tha gach sìon ann gum miann a ghnàth;
Air teachd don t-samhradh
'S e leotha 's annsa
Nuair thig an t-àm a bhith ris an àl.

Tiugainn leamsa thun na tràigh
San fheasgar chiùin-ghil aig ìsle làin,
Is chì thu 'm bòidhchead,
'S an liuthad seòrsa,
De dh'eòin tha còmhnaidh an Innis Àigh.

A' ghrian ag èirigh sa mhadainn chiar,
A deàrrsadh èibhneis na ceum don iar,
Le gathan blàthmhor
'S le boillsgeadh àghmhor,
Bidh a ciad fàilt' air an Innis Àigh.

An t-iasg as fiachaile, dlùth da thràigh,
Is ann ma chrìochan is miann leis tàmh,
Bidh gillean èasgaidh
Le dorgha 's lìontan
Moch, moch ga iarraidh mu Innis Àigh.

Nuair bhios na cuantan fo luasgadh trom,
'S a' ghaoith le nuallan a' ruagadh thonn,
An long a' dìosgan
Fo chruas a diachainn,
Bidh fiath nan eun anns an Innis Àigh.

Ged thèid mi cuairt thun an taoibh ud thall,
'S mi 'n dùil air uairibh gum fan mi ann,
Tha tàladh uaigneach
Le teas nach fuaraich
Gam tharraing buan do an Innis Àigh.

Geàrr an ùine gun teirig là,
Thig an oidhche is iarrar tàmh,
Mo chadal buan-sa
Bidh, O cho suaimhneach,
Ma bhios mo chluasag san Innis Àigh.