Back

An Rìbhinn Donn

Lyrics:

Sèist

Ochòin a rì 's i mo rìbhinn donn
Dh'fhàg mi fo mhì-ghean is m' inntinn trom,
Gur e a bòichead a rinn mo leònadh,
'S cha bhi mi beò gun mo ribhinn donn.

Is truagh an-dràsta nach robh mi 'm bhàrd
A ghleusadh clàrsach 's a sheinneadh dàn,
'S gun innsinn buadhan na maighdinn uasail
Mu bheil mo smuaintean gach oidhche 's là.

Nuair thig an Cèitean do ghleann an fhraoich
Gun toir e fàs air gach blàth-lus raoin,
Is gheibh mi samhladh an sin dom annsachd,
Am flùran greannmhor a dh'fhàs cho caoin.

Ged tha mo ghrian-sa a' triall fo sgleò
Is mis' am bliadhna mar eun sa cheò
Togaidh an sgàile 's ni ise deàrrsadh
'S gum faigh mi slàinte gach là ri m' bheò.