Back

An Rionnach Beag 's an Rionnach Mòr

Lyrics:

Shìos anns an fheamainn, shìos fon a' mhuir
Rudeigin a' gluasad, saoil dè tha siud?
Rionnach mòr reamhar agus rionnach beag
Tiugainn gus an cluinn sinn an còmhradh a th' ac'.

"Dè tha mi faicinn", thuirt an rionnach beag,
"Thall an siud ri taobh a' chreig"
"Seachain e gu faic sinn," thuirt an rionnach mòr,
"Gun fhios nach eil dubhan ann a ghlacas sinn beò."

"Tha mise leis an acras," thuirt an rionnach beag,
"Tha mi dol ga ithe suas ann an diog."
"Cuimhnich air do sheanair," thuirt an rionnach mòr
"Mar a dh'ith e dubhan is cha chuala sinn an còrr."

Cha do dh'èist an rionnach beag ris an rionnach mòr
'S tha e nis air truinnsear na laighe air a' bhòrd.