An t-Àilleagan
Lyrics:
Till dhachaigh, till o Àilleagain,
Thoir leat mo thàmh 's mo shuain,
Oir chan eil aon dhiubh nis air sgeul
On dh'fhalbh thu fhèin Diluain.
Ach thuit nan àite iargain mhòr
Mar oidhche dhuibh mun chruaich,
Nach falbh a chaoidh mur till thu, chiall,
Mar ghrian na maidne nuaidh.
On thriall thu bhuainn tha fann-ghuth gaoil
Mar fhaochaig taobh a' chuain,
A' dòrtadh mach à luinneig fhaoin
'S gam chlaoidh le caochladh duain;
A' cur nam chuimhne aoin a bha
Làn sòlais gràidh gach uair
E nis na aonaran gun stàth,
'S an t-Àilleagan fad bhuaith'.
Cha labhair sinn an sin nas mò,
Le bròn, mu sgaradh cruaidh,
Ach fuadaichear gach smuain den t-seòrs'
Air falbh mar cheò nan cruach.
'S gus an trèig an ceòl an sruth
'S an trèig a guth a' chuach
Chan fhaicear caochladh air ar gràdh,
Chaomh Àilleagain, mo luaidh.