Back

An t-Aparan Goirid 's an t-Aparan Ùr

Lyrics:

Sèist

An t-aparan goirid 's e an t-aparan ùr
An t-aparan goirid nach ruig ach a' ghlùin
Nuair bha mi òg 's mi uile gun sunnd
'S e dh' fhàg mi fo bhròn an t-aparan ùr.

Mo cheist ort a Sheasaidh, 's tu 'n ainnir bha suairc
'S tu chumadh rid ghealladh 's a leanadh rid luaidh;
O b' aotrom do spiorad 's tu chinneadh nam buadh
Cha ghabhadh tu 'n giorag 's cha tilleadh ron stuaidh.

'S nuair fhuair an Eliza Miss Jessie air bòrd
'S ann orra bha sgoinn 's iad a' hois-adh na seòl;
Nuair fhuair i fo h-aodach 's muir sgaoilte fo sròin
Bha h-aigne cho aotrom ri faoileig air lòn.

'S tha iomadh fear cianail bhon thriall thu thar sàl,
Tha beannachd gach Crìosdaidh am bliadhna nad phàirt;
Bha màis agus ciataibh a-riamh riut a' fàs,
Gu seinneadh tu 'm piana nas brèagha na càch.

Tha d' athair 's do mhàthair an tràth-sa fo leòn
Nach d' rinn iad dhut banais le aighear 's le ceòl
Ach tillidh tu fhathast a dh'Uibhist nam bò
Gum bi siùcar an glainnidh is todaidh ga òl.

Siud mar a bha an t-òran aig Niall Dòmhnallach ach bha ceathramhan a bharrachd aig
an t-Urr. Uilleam MacMhathain:

Bha seòrsa de dhuin' ac' a-muigh air a' uaids
A' gleidheadh a' bhaile mun tig iad mun cuairt;
Cheangail iad a làmhan 's a chasan gu cruaidh
'S mun tàinig a' mhadainn gun lath iad le fuachd.

Thàinig Clann Dòmhnaill na leòmhainn bha garg
Luchd sheasamh na còrach dham b' òrdan làmh dhearg
Le spionnadh nan dòrnaibh gun chòmhradh gun arm
Bha Seasaidh gu spòrsail air bòrd aca falbh.

'S tu choisinn am biùthas dhan dùthaich a bh' ann
Cha ghabhadh tu 'n Cùbair, cha b' fhiù leat a chainnt;
Tha mis' ann an dùil gur tu bhiùtaidh gun mheang
Na faighinn mo dhùrachd bhiodh diùc leat air làimh.

Gum b' fheàrr a bhith 'm Barraigh nan d'aithnich mi 'n t-àm
Mun d' fhalbh thu led leannan a dhùthaich nan Gall
Gur mis' ann a dh'aithnich gun Seasaidh bhith ann
'S mi nach fhàgadh am baile gun ghlainne 's gun dram.