Back

An t-Eilean Àlainn

Lyrics:

Sèist

An t-eilean àlainn san Linne Mharbhairnich,
San d'fhuair mi m' àrach nuair bha mi òg -
Nach tric mi smaointeachadh ort am aonar
Gun toir mi gràdh dhuit gach là rim bheò.

Nuair dh'èireas grian air sa mhadainn shamhraidh
Gur iad do chlann-sa bu mhiann bhith ann,
Ach tha iad sgaoilte air feadh an t-saoghail
'S chan eil ach caoraich ri taobh nan allt.

Tha 'n còinneach fàsach a' cinntinn nàdar
'S chan fhaic thu làrach nan daoine ciùin;
Le fuadach 's bàirlinn chaidh 'n cur thar sàile,
'S an t-àl a dh'fhàg iad, cha till iad ruinn.

Na cluaintean àlainn a dh'fheum iad fhàgail
A' dol nam fàsach, gun bhò, gun chloinn,
'S na dailtean prìseil a threabh an sinnsear
Chan fhaic thu nì annt' ach luachair dhonn.

Bha daoine càirdeil san eilean àghmhor,
A chuireadh fàilte oirnn nuair bha sinn òg:
'S e dhèanadh feum dhuinn a dhol air chèilidh,
A dh'èisteachd sgeulachd nan daoine còir.

O seinn mun dealbh seo, a chlann nan Gàidheal,
Lios Mòr na h-Alba, fo dhìon nam beann;
'S ged dh'fhàg sibh 'n t-àite, na caill bhur cànan,
'S gum bruidhinn sibh Gàidhlig ma thig sibh ann.