Back

An t-Eilean Grianach Fallain E

Lyrics:

S e 'n t-eilean grianach fallain e
Is fasgadh air gach taobh dheth;
Gheibh loingeas mhòr nan crannaibh àrd
An àite tàmh san Dùbhlachd.

'S iomadh laoch a dh'àraich e
Thug Pàrlamaid an cliù dhaibh;
Choisinn buaidh dhuinn anns na blàir
'S thug air an nàmhaid lùbadh.

'S iomadh fàrdaich tha 'n-diugh fàs
Is màthair tha gu tùrsach,
Caoidh na dh'fhalbh a-null air sàl
'S nach till gu bràth gan ionnsaidh.

'S bu shunndach siubhal gharbhlaichean
Na laoich bha calma sunndach,
Cheannsaich dhuinn na Gearmailtich
Le claidheamh ceannabheairt rùisgte.

'S g' eil mòran dhen an àireamh dhiubh
Nach till gu bràth gan ionnsaidh,
'S an àite-còmhnaidh ann am Pàrras
Rìgh nan Gràs gan crùnadh.

'S ged is òg a dh'fhàg mi 'n t-àit'
Tha thràigh an-diugh cho ùr dhomh;
Saoilidh mi gu faic mi 'n Àrd
Na bàtaichean san Ùrdainn.

'S nuair a thig an t-earrach oirnn
'S a' chamhanaich 'n àm dùsgaidh,
Bidh ghrian a' toirt do shealladh bhuat
Is d' fhallas tighinn na dhriùchd ort.

Nuair a thig mhìos Mhàigh oirnn
Gach lus a' fàs on driùchd ann;
Bidh eòin nan speur air bhàrr gach gèig
Sa chaimhleas èibhinn flùrain.

B' e 'n ceòl as binne thèid air ghleus
Rin èisteadh tu car ùine,
Caoraich bhàn air uchd an Àird
'S an àl a' ruith gan ionnsaidh.