Back

An t-Eilean Mu Thuath

Lyrics:

An t-eilean mu thuath, an iomall a' chuain,
An t-eilean san d'fhuair mi m' àrach;
Far an d'fhuair mi 's mi òg bainne fìor-ghlan ri òl,
'S bha m' anam tighinn beò 's a' fàs leis.

An t-eilean a tuath, an t-eilean tha fuar,
'S e Leòdhas bho thuath mo ghràidh e;
Far nach cluinn mi rim bheò bhith sealg no bhith 'g òl,
No làmhagh no òrd air an t-Sàbaid.

Nach mis' tha gu truagh, gu tùrsach 's fo ghruaim,
Bho chuir mi ri tuath mo chùlaibh;
Nuair choisich i dian chuir i cùrs oir' gun iar,
'S thug dorchadas dhìomsa Mùirneag.

Chan eil math dhomh no stàth bhith tuiream sa chàs,
Chan aithreachas tràth a th' ann dhomh;
Chan urrainn mi snàmh gu cuideachd mo ghràidh
No coiseachd air tràigh do Leòdhas.

Nuair chaidh sinn fo rùm, 's sinn airtnealach trom,
Bha cuid againn tinn 's ann an gàbhadh;
'S ged dhùin iad air ball gach uinneag is toll,
Bha smùidrich nan tonn tighinn an àirde.

Bha sinne 's sinn shìos, 's sinn glaiste fo fhiamh,
Ach bha Esan a' riaghladh os àirde;
Is ghuidh sinn air Dia bhith dhuinne mar sgiath,
'S gun tugadh E tèaraint' thar sàil sinn.

Bha E Fhèin air an stiùir is Dia air ar taobh
Toirt solas as ùr don oidhche;
'S ghuidh sinn don ghaoth bhith tosdach na sìth,
Gun deach sinn air tìr ann an Cùidhbeig.