Back

An t-Suirighe Thubaisteach

Lyrics:

Sèist

Cha tèid mise tuilleadh a shealltainn na cruinneig
Cha tèid mise tuilleadh air shuirigh an ghleann,
Cha tèid mise tuilleadh a shealltainn na cruinneig,
Cha dìrich mi 'm bruthach, chan urrainn mi ann.

Nuair rinn mi mo bhrògan gu snasmhor a ghròbadh,
'S a ghluais mi cho ceòlmhor ri smeòrach air chrann,
A shealltainn na h-òighe, tha thall ud a chòmhnaidh,
Cha chreidinn am dheòin gur e ghòraich a bh' ann.

Bha m' inntinn làn suigeart nuair ràinig mi 'n uinneag,
'S mi cinnteach gun cumadh a' chruinneag rium cainnt,
'N uair dh'fhosgail i 'n duilleag 's a theann mi ri furan,
'S ann thaom i, an truille, an cuman mam cheann.

'S mur tuiginn an sanas sin, stuig i am madadh,
Bha màthair 's a h-athair a' labhairt le sgraing,
Thuit ceò air mo lèirsinn, is m' anail gu m' thrèigsinn,
An rathad cha b' lèir dhomh, is leum mi san staing.

Mi fodha gu m' shùilean an eabar an dùnain,
Mo bhriogais mum ghlùinean 's an cù orr' an geall,
Bu mhiosa nan còrr leam bhith faicinn na h-òinsich,
Aig uinneag a seòmair ri spòrs air mo chall.

Marbh'aisg air an ullaid, 's i dh' fhàg mi am bhurraidh,
Mo chaiseart san runnaich, 's mo thriubhas sa ghleann,
'S mi 'n seo às mo lèine ag altram mo chreuchdan
'S an ionad nach lèir dhomh am brèid a chur teann.

Toirt bòidean do Mhoire, ma chaomhnar mi 'm dhuine,
Ged gheibhinn an cruinne, 's na h-uile nì th' ann,
Nach tèid mise tuilleadh air chèilidh no shuirigh,
'S nach fhaicear mo luideagan tuilleadh sa ghleann.