Back

An Tèid thu Leam a Rìbhinn Lurach

Lyrics:

Sèist

An tèid thu leam a rìbhinn lurach,
Falbh thu leam mo rìbhinn lurach
Thugainn, thugainn às seo buileach,
Chan fhaod sinn fuireach aig a' bhàillidh.

Thèid ar sgapadh feadh na dùthcha
Mar gu sgaoilear ceò on fhùdar
Nuair thig na fir ud gar n-ionnsaigh
A' maor ùr is Iain Tàilleir

Tha mi còrr 's trì fichead bliadhna,
'S tha mo chiabhagan air liathadh
Saoil sibh fhèin nach olc a' riaghladh,
Dhol gam chuir am bliadhn' gu àirigh.

Fear aig am bidh crodh is caoraich
Gheibh e àite, tha mi smaointinn.
Cha bhi na h-aithntean ri faotainn
Bheir e caob à cuid a nàbaidh.

Fear a bhios air beagan stòrais
Gheibh e àite, bi e 'n dòchas
Air cùl gàrraidh muigh sa mhòintich
Bheir do lòn às air neo bàsaich.