Back
An Ubhal as Àirde
Lyrics:
Còmhla rium a tha thu an-dràst',
Mo shùilean dùinte, mo chuimhne dàn
Nam sheasamh a' coimhead gach cnoc 's gach tràigh
Is an sìol a dh'fhàg thu ann a' fàs.
Sèist
Sèididh gaoth is deàrrsaidh grian
Tro mheas nan craobhan linn gu linn
Ach thig an latha is thig an t-àm
Airson an ubhal as àirde
Air a' chraobh a bhuain.
Tha an gàrradh làn le craobhan treun
Le meas a' fàs dhuinn ann ri bhuain
Ùbhlan abaich, milis, geur
Ach tha aon ubhal nach ruig sinn idir air.
Is cò nar measg a mhaireas latha
Seachad air àm is air oidhche fhèin
A' liuthad uair a shreap mi suas
Airson an ubhal as àirde chur gu beul.