Back

Aodann Srath Bhàin

Lyrics:

S fhada shiubhail mi nam aonar san òg mhadainn thràth
Mach tro ghleanntaichean uaine mar fhear fuadain gun tàmh
Sin a chunnaic mi a' ghruagach 'n taobh shuas dhìom ri tàmh
Is i ri nighe a cuid aodaich a-mach air aodann Srath Bàn.

Sin a dhìrich mi suas a chum na gruagaich gun dàil
Agus labhair mi rithe gu sìobhalta blàth
Tha bliadhn' agus còrr bhon a thòisich do ghràdh
Is ma bhitheas tusa, ghaoil, deònach gum bi sinn pòsta gun dàil.

Gu pòsadh, gu pòsadh, ro òg tha mi 'n-dràst'
Tha teanga aig do sheòrsa ro fhòirneartach ceàrr
Bhiodh m' athair is mo mhàthair gam chàineadh gu bràth
Airson pòsadh ri do leithid-sa, a fhleasgaich gun stàth.

Na labhair mar sin riumsa, a nighean an àigh
Cha do dh'fhairich thus' idir mar tha mis' aig do ghràdh
Dèan tionndadh 's bi deònach 's thoir dhòmhsa do làmh
Is math gu faod sinn a dhol còmhla 's a bhith gu sòlasach slàn.

Na buair mi nas fhaide, a fhleasgaich an-dràst'
Gabh seachad air an rathad, 's leig leam mar a tha;
'S mòr gum b' fheàrr leamsa bhith ann a' seo ri tàmh
Na bhi maille riut fad rè mo shaoghail-sa mach air aodann Srath Bhàin.