Back

Bail' Inbhir Aora

Lyrics:

Sèist

Bha mi air banais am Bail' Inbhir Aora,
Bha mi air banais am Bail' Inbhir Aora,
Chaidh mi gu banais le cuideachd o 'n bhaile,
'S gun d'fhuair mi mo leannan am Bail' Inbhir Aora.

An toiseach an Earraich, 's mo lìon air an fharadh,
'S mi 'm chlaoidh leis an fhadal, gun ealain, gun saothair,
Gun d' thàinig an rathad fear-cuiridh o m' charaid
Gam iarraidh gu banais am Bail' Inbhir Aora.

'S a' mhadainn mun d' fhàg mi, b' i earail mo mhàthair,
"Bi stuama, bi càirdeil nad nàdar, a laochain;
Rach sgiobalta, sgoinneil nad èideadh 's nad anart
Mu 'm bi thu nad mhasladh dhomh 'm Bail' Inbhir Aora."

Nuair thog sinn ri bruthach gu h-uallagach iollagach,
Òigridh air mhire, tro fhireach is aonach,
Bu shunndach ar caithream thar mòinteach is ghleannan,
'S a' phìob a' toirt langan air "Bail' Inbhir Aora."

Ach bheir mi mo ghealladh dhuibh, òigridh a' bhaile,
Ged 's ann an cagar nach canainn ri daoine,
Ma shnamhas an sgadan am bliadhna mar 's math leinn
Bheir mise dhuibh banais am Bail' Inbhir Aora.