Bàl Loch Arcaig
Lyrics:
Sèist
'S tha 'n oidhche tighinn is mise leam fhìn
Gun fhios gu dè stàth dhomh ach m' àraidean fhìn
Tha 'n oidhche tighinn is mise leam fhìn.
Cha robh duine san dùthaich nach robh air a' bhàl aig Dùghall
Ach mise nam chrùban sa chùil seo leam fhìn.
Nuair thàinig an oidhche 's a las iad na coinnlean
Bha sogan air Oighrig 's i seinn dhaibh gu binn.
Sheinn i Crodh Chailein is Cumha Ghlinn Garaidh
Farewell to Lochaber, The Lass o' Glen Shee.
Bha 'n tidsear is Mary len aparain bhàna
Cur fàilt air na càirdean le càis agus mìr.
Bha Magaidh aig Hutchie cur àird air a' phastry
Le leabhran cead aic' consultadh gach nì.
Dùghall sa phàrlor len glainneachan làna
'G òl na deoch-slàinte de stuth làidir à Il'.
Donnchadh MacRath ann, is ogh' Dhòmhnaill Ic Ailein
Len cuffaichean geala 's len taidheachean sìod'.
Macbeth à Loch Caran is Seocan aig Ailean
Is Posta nam pairseal 's cur char dhiubh san ruidhl'.
Rob Mòr ann an còrnair a' leughadh a' phrògraim
'S mur bi iad ris còrd't gheibh iad glòir nach bi binn.
Gur mòr a' chùis-smaointinn an gille tha 'n Caonaich
Gun d'fhàg e chuid chaoraich 's iad sgaoilt' as a' frìth.