Back
Banais Mòr Chamshroin
Lyrics:
Sèist
'S coma leam cò bhios às no bhios ann
Cò bhios às no cò bhios ann
Is coma leam cò bhios às no bhios ann
Thèid mise gu banais Mòr Chamshroin.
Nuair thàinig a' chuideachd 's a shuidh iad mun bhòrd
Chunnacas duine 's e tighinn nan còir,
Bha poca na achlais 's bata na dhòrn
'S e daonnan ag òl air Mòr Chamshroin.
Mun tàinig thu dh'fhuireach a choille Nèill Ruaidh,
Cha bhuaineadh tu mòine 's cha cheannaicheadh tu gual,
Gur h-iomadach cabar a leag thu le tuaigh,
A chumail an fhuachd o Mòr Chamshroin.
Bha Lachann a' Choire na shuidhe mun bhòrd
A' glaodhaich le sogan is botal na dhòrn,
Deoch-slàinte a' ghaisgich bu mhath leam a h-òl,
Bhon a rug e air spòig air Mòr Chamshroin.