Back

Bàthadh Balaich Eòghainn

Lyrics:

O 's ann tha mo ghaol a' chlann
Nach till thugam chaoidh a-nall
'S e dh'fhàg mo chridhe-sa cho trom
Mar a bhios a' chlann air m' aire.
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.

Thug mi sgrìob a-mach an dè
'S fhuair mi saighead a bha geur
Falmadair a bh' agad fhèin
'S ann a thrèig thu fhèin ad aindheoin.
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.

'S beag mo shunnd ris a' chuir suas
Chan ann air a tha mo smuaint
Ach nach d'fhuair mi mo dhà luaidh
Gus an cuir dan uaigh san anart
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.

'S gur e mise th'air mo leòn
Mu Iain an gille còir
'N uair a shuidheadh tu mun bhòrd
'S tu nach sòradh oirnn an drama.
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.

'S nuair dh' èirich am muir na chròic
Lion e 'm bàta chum a beòil
Bha mo Choinneach-sa anns a' sgòd
'S sheall e brònach air a' charraig
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.

'S nuair a dh'èirich am muir cùil
Thog e Iain far an stiùir
Bha 'n triùir eile luib an t-siùil
'S chaidh iad dhan a' ghrunnd gu h-ealamh.
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.