Beannaibh Mo Ghràidh
Lyrics:
O 's èibhinn an sealladh leam beannaibh mo ghràidh,
Ag èirigh suas thall ud 's a' gealladh dhomh fàilt';
Tha ceò air am barraibh mar thannasg a' snàmh
Is fann-ghaoth an Earraich ga iomain gu fàil.
Tha iùbhrach na h-acfhainn cur astair na dèidh,
'S muir ghorm a' Chuain Rosaich dèanamh socair a ceum,
Gam ghiùlan-sa dhachaigh gu cladaichean rèidh,
'S an fhaoileag bheag mhara gam fhair air an sgèith.
A fhraoch-bheannaibh corrach, àrd-mhonadh is shliabh,
A shlios nan creag sgorrach 's a' choire nam fiadh,
Mar dhùbhlachd a' gheamhraidh dom aigne bha riamh
Mur faicinn dhiubh sealladh, o bheannaibh mo mhiann.
Tha tuireadh am buille na tuinn' air an tràigh;
Tha crònan na Lusa mar chumha dom chàil,
Cha dàn dhomh bhith fuireach ach siubhal gun dàil,
O slàn leis na h-uile, tha mulad nam dhàn.