Back

Bi Falbh On Uinneig

Lyrics:

Bi falbh on uinneig fhir ghaoil, fhir ghaoil,
'S na tig a-nochd tuilleadh fhir ghràidh, fhir ghràidh,
Bi falbh on uinneig fhir ghaoil, fhir ghaoil,
'S na tig a-nochd tuilleadh fhir ghràidh, fhir ghràidh.

Tha do long air an t-sàile 's i gun seòladair aice,

Cuir umad do bhrògan tha an tòir a' tighinn cas ort,
Cuir umad do bhrògan tha an tòir a ' tighinn cas ort,
Gur mise bhios brònach ma ni an tòir seo cur às dhut,
Na tig a-nochd tuilleadh fhir ghràidh, fhir ghràidh.

Nuair a thèid mi measg slòighe fear do bhòidhchead chan fhaic mi,
Tha faltan donn dualach air mo luaidh de na gaisgich,