Back

Biodh an Trionaid Ga Moladh

Lyrics:

Sèist

Iesum Dominum, Venite ado remus,
Iesum Dominum.

Biodh an Trionaid ga moladh
Gura Nollaig Mhic Dhè i!

Rugadh Ios' ar ceann-cinnidh
Ann an sgiothal na sprèidhe.

Bha an saoghal ro chumhang,
Ged a chruthaich E fhèin e.

'N aona chùil bha gun urram,
Àite-fuirich Mhic Dhè e.

Chan eil dìon air, no tughadh,
Chumas drudhadh nan speur dheth.

Thig a' ghaoth staigh gun tilleadh -
'S iomadh uinneag tha rèidh dhi.

'S bidh Macan na gile
Air a ruighinn le gèiread.

'S beag tha shochair na chadal -
'S olc an leaba th' aig m' eudail.

E na shìneadh san fhrasaich,
Damh na fhaisge ri geumraich.

Gura nàrach an doicheall
Bhith ga nochdadh ri creutair.

Ach ri Dia nam mòr-chumhachd,
Rìgh a chruthaich gu lèir sinn!

Liuthad uair rinn mi dhoicheall,
Rinn mi dhochann le m' eucoir;

Rinn mi fhuadach on doras -
Gum bu dona dhomh fhèin siud.

Ach, a Mhàthair na glaine,
'S gu bheil d' anam gun bheud air.

Bidh tu 'g ùrnaigh rid Mhacan
E bhith mathadh ar feuch dhuinn;

Is cha dìochnaichear tuilleadh
Mar a dh'fhuiling thu 's d' eudail.

Oidhche choimheach na Nollaig
Anns a' bhothaig am Bèthlem.

Cha robh fàilte no furan
air an turas feadh Bhèthlem.

H-uile doras ga dhruideadh,
nuair a rugadh màthair Dè e.