Back

Bithibh gu Sunndach Leam a-Nochd

Lyrics:

Sèist

Bithibh gu sunndach leam-s' a-nochd
Bithibh gu socair coibhneil,
Dèanaibh ar mire ri nìghneagan còir
'S a h-uile rud òg bidh loinn air.

Fhuair mi deagh chuireadh a dh'ionnsaigh a' bhàl
A bh' aca sa bhàgh an oidhch' ud,
Trì uairean sa mhadainn a stad an cocàrd
'S e 'n geamair 's am bàt' a rinn e.

'S mise bha duilich nuair chaidh mi dhan bhàl
Nach tug mi mo Mhàiri fhìn ann,
Mun tàinig a' mhadainn gu robh mi mar chàch
Gun rib iad a dhà na trì mi.

Nuair chruinnich iad uile 's a thòisich an spòrs
Bha h-uile fear còmhla ri nìghneig,
Nach saoil sibh pèin nach math dhan fhear òg
A dh'fhaodas a' chròg a shìneadh.

Ged dhèanainn de ribeadh 's na dh'obair na cluais
Bhiodh teangannan luath ga innse,
Nan cluinneadh a' bhean agam bhiodh i fo ghruaim
B'fheàrr dhomh bhith luath 's sinn clear.