Back
Bodachan Cha Phòs Mi
Lyrics:
S mise tha gu muladach
Sèist
'S na hò rò laoi lò
Seinn horo nàilibh
'S na hòrò laoi leò.
A h-uile tè a' pòsadh
Mise seo gun phòsadh fhathast
Bodachan cha phòs mi
Bidh e fada 'g èirigh
Fada dol na èideadh
Fada fada ri cur uime
Cha ghabh mise ludar bodaich
Cha tèid e mach gun am bata
Cha tig e steach gun an casta
Seann duine cha ghabh, cha ghabh mi
Saoilidh e gur grian a' ghealach
Saoilidh e gur siùcar sneachda
Saoilidh e gur cuan am monadh
B' annsa balach sgiobalta
Leagadh mi 's a thogadh mi
Bheireadh mi a' feithe