Back

Bothan an Fhuarain

Lyrics:

S e bothan beag an fhuarain
A ghluais an-diugh mo rann,
'S mi cuimhneach air gach suaimhneas
A mheal mi uairean ann;
Gam bhlianadh air na bruachan,
Mar bha mi am bhuachaille thall,
An eilean nam beann fuara,
Nan ruadh-chearc 's nan damh donn.

Tha fasgadh air bhon fhuar-ghaoith
A thig bhon tuath le srann,
An dìon an tomain uaine
'S luasganaich nan crann;
Bidh gàire an uillt am chluasan
'S e siubhal nuas an gleann,
Gu tormanach a' gluasad
Air slighe bhuan gun cheann.

Ach 's e mo chion am fuaran,
An deoch as uaisle th' ann
Na chaochan tighinn an uachdar
Bho aigeann fuar nam beann:
Gun òlainn làn na cuaich dheth
Gun tuaineal chur nam cheann
Ach 's meud mo spèis don chluain seo
Mo chèile suairc bhith ann.