Back

Bothan Eòropaidh

Lyrics:

Bha
Sherriff Court
air Lewis Street
filled to capacity
Son
trial
Bothan Eòropaidh, o creideadh sibhse mi!
Bha siorraidh 's fiamh a' ghàire air, 's e na shuidh an sin air stòl,
Oir bha 'm
proof
a bha e 'g iarraidh anns na botail bh' air a' bhòrd.

Bha suas ri
twenty witnesses
na seasamh aig a' bhòrd
A' feitheamh ris a'
fiscal
agus ceistean de gach seòrs'.
B' e Coileach ainm a'
leader
ac', balach duineil, còir;
'S ann a bha samhla aige ri guga a thug bliadhna san taigh mhòr.

'N oidhche
raid
ig iad am bothan fhuair na balaich ghorm
surprise
'S e thachair riuth' ach
Brownie Pack
is abair buidheann
nice
.
Ma nì sibh chòrr 'son
charity
an àite
Brownie
faigh sibh
Guide
Oir an oidhch' ud a' dol dhachaigh,
it was the blind who led the blind
!

Thuirt a' siorraidh anns a'
summing up
"Chan eil sibh ann gu lèir!
Le mìle mullach canastar ga chumail ann am pèil'!"
Sheas fear aca an aìrde, 's thuirt e, "
O for goodness sake
!
'S ann tha sin airson a'
khidney machine, to help it on its way
."

Nuair a thàinig àm a'
verdict
bha sinn uil' a' suidh' aig tàmh.
"Cha d' fhuair sibh
prison sentence
ach an ath rud nì sibh ceàrr,
Ma dh'fheuchas sibhse tuilleadh ri bhith ruith
illegal bar
Thèid sibh dh'obair dhan a' Chouncil, agus chan e sin is fheàrr."

O chàirdean, fhearaibh, chàirdean! O nach èist sibh ri mo rann!
O dè a-nis nì balaich Nis, 's nach fhaigh iad a-nis dram?
Ged dheigheadh iad dhan a' bhothan, O chan fhaigh iad ann ach tì!
Huh! Abair rud a'
celebrat
adh
Silver Jubilee
!